Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:46

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad gu Iericho: agus air imeachd dhàsan agus da dheisciobail, agus do shluagh mòr, a‑mach à Iericho, bha Bartimèus an dall, mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus a’ cur an t‑sìl dha, thuit cuid dheth ri taobh an rathaid; agus thàinig an eunlaith agus dh’ith iad e.

Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan.

Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.

Agus thàrladh, nuair a dhruid e ri Iericho, gu robh dall àraidh na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce;

Agus air do Iosa dol a‑steach, chaidh e tro Iericho.

Uime sin thubhairt na coimhearsnaich, agus iadsan a chunnaic dall e roimhe sin, Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh na dèirce?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan