Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha bhi e mar sin nur measg-se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg, bidh e na òglach agaibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil acasan a tha air am meas mar uachdarain air na Cinnich àrd-thighearnas orra; agus gu bheil aig an daoine mòra làn-ùghdarras orra.

Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile.

Agus air suidhe dha, ghairm e an dà‑fhear-dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Ge bè neach leis am miann a bhith air thoiseach, bidh esan air dheireadh air càch uile, agus na sheirbhiseach do na h‑uile.

Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Ach na bithibh-se mar sin: ach an neach as mò nur measg, biodh e mar an neach as òige; agus an tì as àirde, mar esan a tha ri frithealadh.

Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg-se uile, bidh esan mòr.

Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Oir, a bhràithrean, ghairmeadh a‑chum saorsa sibh; a‑mhàin na dèanaibh an t‑saorsa na cion-fàth don fheòil, ach le gràdh dèanaibh seirbhis da chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan