Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air cluinntinn seo don deichnear, thòisich iad air mòr-chorraich a ghabhail ri Seumas agus Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas.

Agus nuair a chuala an deichnear seo, bha iad diombach ris an dithis bhràithrean.

Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil acasan a tha air am meas mar uachdarain air na Cinnich àrd-thighearnas orra; agus gu bheil aig an daoine mòra làn-ùghdarras orra.

Agus bha mar an ceudna còmhstri eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh.

Ach thubhairt esan riu, Tha aig rìghrean nan Cinneach tighearnas orra; agus goirear daoine fialaidh dhiubhsan, aig a bheil ùghdarras orra.

Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:

Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin.

A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil an sgriobtar gu dìomhain a’ labhairt, Tha an spiorad a tha a chòmhnaidh annainn a’ togairt gu farmad?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan