Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir?

Agus bhaisteadh iad leis-san ann an Iòrdan, ag aideachadh am peacaidhean.

Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.

Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.

Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon.

Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.

Thug mi d’fhacal dhaibh; agus thug an saoghal fuath dhaibh, airson nach ann den t‑saoghal iad, mar nach eil mise den t‑saoghal.

Agus mharbh e Seumas bràthair Eòin leis a’ chlaidheamh.

Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son-se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh-làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp-san, eadhon na h‑eaglais:

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan