Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iosa riu, Chan aithne dhuibh ciod a tha sibh ag iarraidh: a bheil sibh comasach air a’ chupan òl a dh’òlas mise? Agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair rìgh Solamh, agus thubhairt e ra mhàthair, Agus carson a dh’iarras tu Abisag a’ bhan-Sunamach do Adoniah? Iarr dha an rìoghachd mar an ceudna; (oir is e mo bhràthair as sine e;) eadhon dhàsan, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab mac Sheruiah.

Oir tha cupan ann an làimh an Tighearna, agus tha am fìon dearg; làn coimeisg tha e, agus dòrtaidh e cuid as; ach a dheasgainnean fàisgidh agus òlaidh uile dhaoine aingidh na talmhainn.

Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball-chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò:

Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh rium, Gabh cuach-fhìona na fraoich-feirge seo as mo làimh-sa, agus thoir ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an cuir mise thu:

Agus a bheil thusa ag iarraidh air do shon fhèin nithean mòra? Na iarr: oir, feuch, bheir mise olc air a h‑uile fheòil, tha an Tighearna ag ràdh: ach bheir mi dhutsa d’anam mar chobhartach anns a h‑uile àite gus an tèid thu.

Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa.

Agus bhaisteadh iad leis-san ann an Iòrdan, ag aideachadh am peacaidhean.

Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.

Ach tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis, agus cionnas a tha mi air mo theannachadh gus an coileanar e!

Ag ràdh, Athair, mas toil leat, cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh chan e mo thoil-sa, ach do thoil-sa gu robh dèante.

An sin thubhairt Iosa ri Peadar, Cuir do chlaidheamh anns an truaill: an cupan a thug m’Athair dhòmhsa, nach òl mi e?

Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt.

Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana-miannan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan