An sin thubhairt i, Tha mi ag iarraidh aon athchuinge bheag ort; na diùlt mi, guidheam ort. Agus thubhairt an rìgh rithe, Iarr, a mhàthair, oir cha diùlt mi thu.
Agus air triall dha as a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, ann an luing maille ra athair Sebede, a’ càradh an lìon: agus ghairm e iad.
Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais.