Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear-dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Eisd a‑nis, O Iosuah, àrd-shagairt, thu fhèin agus do chompanaich a tha nan suidhe ad làthair: oir is daoine a tha nan samhladh iad: oir feuch, bheir mise a‑mach m’òglach, am Meangan.

Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.

Fhreagair esan agus thubhairt e riu, Do bhrìgh gun tugadh dhuibhse eòlas a bhith agaibh air rùn-diamhair rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan chan eil seo air a thabhairt.

Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.

Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth.

Agus air tionndadh ra dheisciobail, thubhairt e riu an uaigneas, Is beannaichte na sùilean a chì na nithean a tha sibhse a’ faicinn:

Agus air dha seo a ràdh, dh’imich e romhpa, a’ dol suas gu Ierusalem.

A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem;

An sin thubhairt Tòmas, ris an abrar Didimus, ra cho-dheisciobail, Rachamaid-ne mar an ceudna, a‑chum gum faigh sinn bàs maille ris.

Thubhairt a dheisciobail ris, A Mhaighistir, a‑nis dh’iarr na h‑Iùdhaich do chlachadh; agus a bheil thu a’ dol a‑rìs an sin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan