Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach faigh a cheud uiread anns an aimsir seo fhèin, taighean, agus bràithrean, agus peathraichean, agus màthraichean, agus clann, agus fearann, maille ri geur-leanmhainn; agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Amasiah ris an duine le Dia, Ach ciod a nì sinn mun cheud tàlann a thug mi do armailt Israeil? Agus fhreagair an duine le Dia, Tha an Tighearna comasach air mòran tuilleadh na sin a thabhairt dhutsa.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead?

Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh-thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh-sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail.

Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach ge bè neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t‑saoghal seo, no anns an t‑saoghal a tha ri teachd.

Ach thuit cuid eile ann am fearann math, agus thug e toradh a‑mach, cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Nach faigh mòran nas mò anns an aimsir seo a tha an làthair, agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach.

Agus bha Iosa a’ sràideamachd anns an teampall ann an sgàth-thaigh Sholaimh.

A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Agus mu mheadhon-oidhche air do Phòl agus do Shilas ùrnaigh a dhèanamh, sheinn iad laoidh-mholaidh do Dhia; agus chuala na prìosanaich iad.

Agus dh’imich iadsan o làthair na comhairle, le gàirdeachas a chionn gun do mheasadh gum b’airidh iad air eas-urram fhulang airson a ainme-san.

Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;

Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.

Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd.

A‑nis gun tugadh ar Tighearna Iosa Crìosd e fhèin, agus Dia, eadhon ar n‑Athair-ne, a ghràdhaich sinn, agus a thug dhuinn sòlas sìorraidh, agus dòchas math tre ghràs,

Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd.

Ach is buannachd mhòr an diadhachd maille ri inntinn thoilichte.

Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.

Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.

Agus is e seo an gealladh a gheall e dhuinn, eadhon a’ bheatha mhaireannach.

Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain.

Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan