Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Ciod a dh’àithn Maois dhuibh?
Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.
Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?
Agus thubhairt iadsan, Thug Maois cead dhuinn litir-dhealachaidh a sgrìobhadh, agus a cur air falbh.
Agus, feuch, sheas fear-lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa.
Innsibh dhomh, sibhse lem miann a bhith fon lagh, nach cluinn sibh an lagh?