Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus is beag seo ann an sùilean an Tighearna: bheir e mar an ceudna na Mòabaich thairis dur làimh.

Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.

Tha fhios agam gur urrainn thusa gach nì a dhèanamh, agus nach ceilear smuain air bith ort.

Ah, Thighearna Dhia, feuch, rinn thusa nèamh agus an talamh led mhòr-chumhachd agus led ghàirdean sìnte a‑mach, agus chan eil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ort.

Feuch, is mise an Tighearna, Dia na h‑uile fheòla, a bheil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ormsa?

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma bhios e iongantach ann an sùilean iarmad an t‑sluaigh seo anns na làithean sin, am bi e iongantach ann am shùilean-sa fòs? deir Tighearna nan sluagh.

Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Ach bha uamhas orrasan thar tomhas, ag ràdh eatorra fhèin, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?

Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia.

Ach thubhairt esan, Na nithean a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.

A chruth-atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin.

A’ meas gum bu chomasach Dia air a thogail eadhon o na mairbh; on d’fhuair e e eadhon ann an samhladh.

Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan