Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha uamhas orrasan thar tomhas, ag ràdh eatorra fhèin, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Is fhasa do chàmhal dol tro chrò na snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Agus chaidh e suas dan ionnsaigh don luing; agus laigh a’ ghaoth: agus bha uamhas mòr thar tomhas orra, agus ghabh iad iongantas.

Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad.

An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearna, an tearc iad a shaorar? Agus thubhairt esan riu,

Agus thubhairt iadsan a chuala seo, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?

Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd, agus tèarnar thu fhèin, agus do thaigh.

Am ministearan do Chrìosd iad? (tha mi a’ labhairt mar dhuine mì‑chèillidh). Tha mise os an cionn anns an nì seo: ann an saothairean nas pailte, ann am buillean thar tomhas, ann am prìosanan nas trice, ann am bàsan gu minig.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan