Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air amharc do Iosa mun cuairt, thubhairt e ra dheisciobail, Cia deacair don mhuinntir sin aig a bheil mòr-shaoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ma chuir mi anns an òr mo dhòchas, agus ma thubhairt mi ris an òr fhìorghlan, Is tu m’earbsa;

Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mura iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanabain, nach tèid sibh a‑steach do rìoghachd nèimh.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè neach nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e gu bràth a‑steach innte.

Agus bha doilgheas airsan airson nam briathran sin, agus dh’fhalbh e gu tùirseach; oir bha mòran saoibhreis aige.

Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

Agus dh’amhairc e mun cuairt ga faicinn-se a rinn seo.

Agus nuair a chunnaic Iosa gun robh e làn tùirse, thubhairt e, Cia deacair dhaibhsan aig a bheil saoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge, agus on Spiorad, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Oir chì sibh fhèin ur gairm, a bhràithrean, nach iomadh iad a tha glic a‑thaobh na feòla, nach iomadh cumhachdach, nach iomadh uasal a tha air an gairm:

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.

Oir mar sin fritheilear gu pailt dhuibh slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan