Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.
Esan mar an ceudna a ghabh sìol am measg an droighinn, is e seo an tì a tha a’ cluinntinn an fhacail; agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd beartais, a’ mùchadh an fhacail, agus bidh e gun toradh.
An sin, nuair a chunnaic Iùdas, a bhrath e, gun do dhìteadh e, ghabh e aithreachas, agus thug e air an ais na deich-buinn-fhichead airgid do na h‑àrd-shagartan, agus do na seanairean,
Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann-ceusaidh, agus lean mise.
Agus air amharc do Iosa mun cuairt, thubhairt e ra dheisciobail, Cia deacair don mhuinntir sin aig a bheil mòr-shaoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!
Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.
Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.
Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear-strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal-adhraidh), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè.