Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann-ceusaidh, agus lean mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus cha do chuir an t‑òganach dàil anns an nì a dhèanamh, a chionn gu robh tlachd aige ann an nighinn Iàcoib: agus bha e na b’urramaiche na taigh a athar uile.

Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse.

An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

Agus bha doilgheas airsan airson nam briathran sin, agus dh’fhalbh e gu tùirseach; oir bha mòran saoibhreis aige.

Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.

Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.

Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean-còmhnaidh sìorraidh.

Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

Agus nuair a thàinig e am fagas, chunnaic e am baile, agus ghuil e air a shon,

Agus thubhairt e riu uile, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh gach là, agus leanadh e mise.

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Agus reic iad an seilbh agus am maoin, agus roinn iad air na h‑uile iad, a rèir mar a bha feum gach neach.

Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.

Seadh, fuilingidh iadsan uile, leis an àill am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Crìosd, geur-leanmhainn.

Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.

Oir ge bè neach a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach den iomlan.

Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.

Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.

Gidheadh, tha nì‑eigin agam ad aghaidh, do bhrìgh gun do thrèig thu do chiad ghràdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan