Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach fhreagair esan agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, choimhead mi iad sin uile om òige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Gidheadh o là gu là tha iad gam iarraidh-sa, agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo shlighean; mar chinneach a tha a’ cur an gnìomh fìreantachd, agus nach do thrèig reachd an Dè; tha iad a’ fiosrachadh dhìomsa mu thimcheall reachdan na fìreantachd, agus is miann leo a bhith a’ teachd dlùth do Dhia.

A thuilleadh air seo, nì mi dhìot fàsach agus masladh am measg nan cinneach mun cuairt dhut, ann an sealladh nan uile a thèid seachad.

An spùinn duine Dia? Gidheadh spùinn sibhse mise: ach tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do spùinn sinn thu? Ann an deicheamh agus ann an tabhartasan.

Thubhairt an t‑òganach ris, Choimhead mi iad sin uile om òige: ciod a tha a dh’uireasbhaidh orm fhathast?

Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann-ceusaidh, agus lean mise.

Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?

Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair-eigin: ach air teachd don àithne, dh’ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.

A‑thaobh eud, a’ dèanamh geur-leanmhainn air an eaglais; a rèir na fìreantachd a tha anns an lagh, neo-choireach.

Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh-sa air falbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan