Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Oir is fuath leamsa esan a chuireas air falbh, tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh: agus esan a dh’fhalaicheas ainneart le a thrusgan, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Uime sin biodh faiceall agaibh air ur spiorad, nach buin sibh gu fealltach.

An sin thàinig a dheisciobail, agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gun do ghabh na Pharasaich oilbheum, an dèidh dhaibh na briathran ud a chluinntinn?

Agus air teachd do na Pharasaich agus do na Sadusaich ga dhearbhadh, dh’iarr iad air comharradh a nochdadh dhaibh o nèamh.

Thàinig na Pharasaich mar an ceudna da ionnsaigh ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur uaithe air gach uile adhbhar?

An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear-teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh,

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

Ach thubhairt na Pharasaich, Tro phrionnsa nan deamhan tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.

Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.

Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Ciod a dh’àithn Maois dhuibh?

Agus thàinig na Pharasaich a‑mach: agus thòisich iad ri ceistean a chur air, ag iarraidh comharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.

Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach, agus taois ghoirt Heroid.

Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd.

Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air.

Agus rinn an sgrìobhaichean agus am Pharasaich gearan an aghaidh a dheisciobal-san, ag ràdh, Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Agus rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire, a dh’fheuchainn an lèighseadh e air an t‑sàbaid; a‑chum gum faigheadh iad cùis-dhìtidh na aghaidh.

Ach chuir na Pharasaich agus an luchd-lagha cùl ri comhairle Dhè dan taobh fhèin, am feadh nach do bhaisteadh iad leis.

An sin chruinnich na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich comhairle, agus thubhairt iad, Ciod tha sinn a’ dèanamh? Oir tha an duine seo a’ dèanamh mòran mhìorbhailean.

A‑nis bha araon na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich air toirt àithne, nam biodh fhios aig neach air bith càit an robh e, gun innseadh e e, a‑chum gun glacadh iad e.

Chuala na Pharasaich gu robh an sluagh a’ borbhanaich nan nithean seo ma thimcheall: agus chuir na Pharasaich agus na h‑àrd-shagartan maoir ga ghlacadh.

An do chreid aon air bith de na h‑uachdarain ann, no de na Pharasaich?

Thubhairt iad seo ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh aca cùis-chasaid na aghaidh. Ach chrom Iosa sìos, agus sgrìobh e le a mheur air an làr (mar nach biodh e gan cluinntinn).

Agus na dearbhamaid Crìosd, mar a dhearbh cuid dhiubhsan, agus a sgriosadh iad le nathraichean nimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan