Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè neach nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e gu bràth a‑steach innte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mura iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanabain, nach tèid sibh a‑steach do rìoghachd nèimh.

Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e air chor sam bith a‑steach innte.

A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan