Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.

Cha cheil sinn air an cloinn iad, a’ foillseachadh cliù an Tighearna don àl a tha ri teachd, agus a neart agus a obraichean iongantach a rinn e;

Cha saothraich iad gu dìomhain, cha mhò a ghineas iad sliochd a‑chum dragha; oir is iad sìol dhaoine beannaichte an Tighearna, agus an sliochd maille riu.

Ach ur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh nan cobhartaich, iadsan bheir mi a‑steach, agus gabhaidh iad eòlas air an fhearann air an do rinn sibhse tàir.

Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.

Air an adhbhar sin, ge bè a dh’ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e sin fhèin as mò ann an rìoghachd nèimh.

Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.

Is beannaichte an dream a tha a’ fulang geur-leanmhainn airson na còrach: oir is leòsan rìoghachd nèimh.

Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh.

Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

Ach air dhàsan tionndadh mun cuairt agus amharc air a dheisciobail, chronaich e Peadar, ag ràdh, Imich air mo chùlaibh, a Shàtain: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura beirear duine a‑rìs, nach urrainn e rìoghachd Dhè fhaicinn.

Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge, agus on Spiorad, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia.

Is sibhse clann nam fàidhean, agus a’ choicheangail a rinn Dia ri ar n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, Agus ann ad shliochd-sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh.

Oir ma tha an ciad-thoradh naomh, tha am meall naomh mar an ceudna: agus ma tha an fhreumh naomh, tha na geugan mar sin mar an ceudna.

A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son-se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean.

A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

Oir tha am fear ana-creidmheach air a naomhachadh leis a’ mhnaoi, agus tha a’ bhean ana-creidmheach air a naomhachach leis an fhear: no bhiodh ur clann neòghlan; ach a‑nis tha iad naomh.

Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich:

Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit;

Nuair a chuimhnicheas mi an creideamh neo-chealgach a tha annadsa, a chòmhnaich air tùs ad sheanmhair Lois, agus ad mhàthair Eunice: agus is dearbh leam a tha annadsa mar an ceudna.

Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.

Cha robh facal de na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, nach do leugh Iosua an làthair co‑chruinneachadh Israeil uile, agus nam ban, agus na cloinne bige, agus nan coigreach a bha a’ fantainn nam measg.

Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;

Agus nam beul cha d’fhuaireadh cealg; oir tha iad gun lochd an làthair rìgh-chathair Dhè.

Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann.

Agus cha deachaidh Hanah suas; oir thubhairt i ra fear, Cha tèid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, a‑chum gun taisbeanar e am fianais an Tighearna, agus gum fan e an sin gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan