Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh-pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh-phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach.
Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn-ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin.