Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth a‑rìs mu thimcheall an nì cheudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean fhèin, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh.

Air an adhbhar sin, an nì a chuir Dia cuideachd, na cuireadh duine o chèile.

Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear-dheug, an cosamhlachd dheth.

Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth an uaigneas, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach?

Agus thàinig e gu Capernàum; agus air dha a bhith anns an taigh, dh’fheòraich e dhiubh, Ciod e mun robh sibh a’ deasbaireachd eadaraibh fhèin air an t‑slighe?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan