Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 10:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus os bàrr, do bhrìgh gu robh an Searmonaiche glic, theagaisg e an còmhnaidh eòlas don t‑sluagh; agus thug e deagh aire, agus shir e a‑mach, agus dheasaich e mòran ghnàth-fhacal.

Agus thionndaidh iad riumsa an cùl, agus chan i an aghaidh; ged a theagaisg mi iad, ag èirigh gu moch agus a’ teagasg, gidheadh cha d’èisd iadsan, a ghabhail teagaisg.

Anns an uair sin fhèin thubhairt Iosa ris an t‑sluagh, An tàinig sibh a‑mach mar gum b’ann an aghaidh gadaiche, le claidheamhan agus bataichean a‑chum mise a ghlacadh? Bha mi gach là am shuidhe maille ribh anns an teampall a’ teagasg agus cha do chuir sibh làmh annam.

Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.

Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum; agus air ball air dha dol a‑steach don t‑sionagog air an t‑sàbaid, theagaisg e.

Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, a’ teagasg anns an teampall, Cionnas a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh?

Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh.

Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.

Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg,

Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan?

Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.

Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg.

Agus chaidh e a‑rìs gus an taobh thall de Iòrdan, don ionad anns an robh Eòin air tùs ri baisteadh; agus rinn e còmhnaidh an sin.

Na dhèidh sin thubhairt e ra dheisciobail, Rachamaid a‑rìs do Iudèa.

Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan