Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.
Agus tàrlaidh na dhèidh sin, gun dòirt mise a‑mach mo Spiorad air gach uile fheòil, agus nì ur mic agus ur nigheanan fàistneachd, bruadairidh ur seann daoine bruadair, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean:
Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:
Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh.
Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr-iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;
Agus cha b’aithne dhòmhsa e: ach an tì a chuir mi a bhaisteadh le uisge, thubhairt esan rium, Ge bè air am faic thu an Spiorad a’ teachd a‑nuas agus a’ gabhail còmhnaidh, is e sin an tì a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.
Agus ghabh na creidmhich den timcheall-ghearradh, a mheud dhiubh is a thàinig maille ri Peadar, iongantas mòr, do bhrìgh gun do dhòirteadh air na Cinnich mar an ceudna tìodhlac an Spioraid Naoimh.
Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair:
Oir tre aon Spiorad bhaisteadh sinn uile do aon chorp, mas Iùdhaich sinn no Greugaich, mas daor no saor sinn; agus thugadh deoch ra h‑òl dhuinn uile a‑chum aon Spioraid.