Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh.
Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:
Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr-iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;
Agus mar a choilean Eòin a thriall, thubhairt e, An tì a tha sibh a’ saoilsinn as mise, cha mhi e. Ach feuch, tha neach a’ teachd am dhèidh, nach airidh mi air brògan a chas fhuasgladh.
An sin thubhairt Pòl, Bhaist Eòin gu deimhinn le baisteadh an aithreachais, ag ràdh ris an t‑sluagh, iadsan a chreidsinn anns an neach a bha gu teachd na dhèidh-san, sin ri ràdh, ann an Iosa Crìosd.
Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna.