Eadhon iad seo dhiubh faodaidh sibh ithe: an lòcast a rèir a ghnè, agus an lòcast maol a rèir a ghnè, agus an daol a rèir a ghnè, agus an leumnach uaine a rèir a ghnè.
Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi nàire air na fàidhean, gach aon de a shealladh nuair a nì e fàistneachd: cha mhò a chuireas iad umpa fallaingean molach gu mealladh.
Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.
Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.
Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh.