Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.
Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah.
Agus bha Eòin mar an ceudna a’ baisteadh ann an Enon, làimh ri Salim, do bhrìgh gu robh mòran uisgeachan an sin; agus thàinig iad, agus bhaisteadh iad:
An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.
Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.
Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.