Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:45

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Cuimhnichidh mi obraichean an Tighearna; gu deimhinn, cuimhnichidh mi d’iongantasan on aimsir chèin;

Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh.

Agus chaidh iomradh sin a‑mach air feadh na tìre sin uile.

Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile.

Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.

Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.

Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.

Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;

Agus lean sluagh mòr e, do bhrìgh gum faca iad a mhìorbhailean a rinn e air an dream a bha easlan.

Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall-ghearradh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan