Agus cho luath is a labhair e, air ball dh’fhalbh an luibhre uaithe, agus rinneadh glan e.
Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.
An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.
Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.
Agus ghabh Iosa truas mòr dheth, agus air sìneadh a‑mach a làimhe, bhean e ris, agus thubhairt e ris, Is àill leam; bi‑sa glan.
Agus thug e geur-òrdagh dha, agus air ball chuir e air falbh e;
Agus air ball thiormaicheadh tobar a fala; agus dh’aithnich i air a corp fhèin gun do lèighseadh i on phlàigh sin.
A‑nis tha sibhse glan tre an fhacal a labhair mi ribh.