Agus thàinig lobhar da ionnsaigh, a’ guidhe air, agus a’ lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Mas àill leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.
Fanadh i air ceann Ioaib, agus air taigh a athar uile, agus na biodh a dhìth air taigh Ioaib neach air am bi silteach, no a bhios na lobhar, no dan èiginn siubhal le bata, no a thuiteas air claidheamh, no air am bi easbhaidh arain.
Agus bhuail an Tighearna an rìgh, agus bha e na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth: agus bha Iotam mac an rìgh os cionn an taighe, a’ toirt breith air sluagh na tìre.
Agus bha ceathrar dhaoine air an robh an luibhre aig dol a‑steach a’ gheata; agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Carson a dh’fhanas sinn an seo gus am bàsaich sinn?
(Oir rinn Solamh bonn umha, agus chuir e e ann am meadhon na cùirte, còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud, agus trì làmhan-coille air àirde; agus sheas e air, agus leig e e fhèin air a ghlùinean an làthair coitheanal Israeil uile, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh),
Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
Agus nuair a chaidh e a‑mach air an t‑slighe, thàinig neach na ruith, agus leig e e fhèin air a ghlùinean dha, agus dh’fheòraich e dheth, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e.