Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha Eòin a’ baisteadh anns an fhàsach, agus a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais a‑chum maitheanas pheacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:

Agus bhaisteadh iad leis-san ann an Iòrdan, ag aideachadh am peacaidhean.

Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.

A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.

Agus bha Eòin mar an ceudna a’ baisteadh ann an Enon, làimh ri Salim, do bhrìgh gu robh mòran uisgeachan an sin; agus thàinig iad, agus bhaisteadh iad:

Am facal sin is aithne dhuibh, a sgaoileadh air feadh tìr Iudèa uile, agus a thòisich o Ghalile, an dèidh a’ bhaistidh a shearmonaich Eòin:

Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan