Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan riu, Rachamaid a dh’ionnsaigh nam bailtean eile làimh rinn, a‑chum gun searmonaich mi an sin mar an ceudna: oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mise a‑mach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus air fhaotainn dhaibh thubhairt iad ris, Tha gach uile neach gad iarraidh.

Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain.

Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar?

Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi.

Thàinig mi a‑mach on Athair, agus tha mi air teachd a‑chum an t‑saoghail: a‑rìs, tha mi a’ fàgail an t‑saoghail, agus a’ dol a‑chum an Athar.

Ghlòraich mise thusa air thalamh: chrìochnaich mi an obair a thug thu dhomh ra dèanamh.

Oir thug mi dhaibh na briathran a thug thusa dhomh; agus ghabh iad iad, agus thuig iad gu fìrinneach gur ann uatsa a thàinig mi, agus chreid iad gun do chuir thu uat mi.

Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan