Agus thubhairt esan riu, Rachamaid a dh’ionnsaigh nam bailtean eile làimh rinn, a‑chum gun searmonaich mi an sin mar an ceudna: oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mise a‑mach.
Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.
Agus thàinig iad a‑chum Eòin, agus thubhairt iad ris, A mhaighistir, an tì a bha maille riut an taobh thall de Iòrdan, don tug thu fianais, feuch, tha esan a’ baisteadh, agus tha na h‑uile dhaoine a’ teachd da ionnsaigh.