Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha èirigh anns a’ mhadainn, fada ro là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail, agus rinn e ùrnaigh an sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

An èirig mo ghràidh tha iad naimhdeil dhomh, agus mi ri ùrnaigh.

A Thighearna, air madainn cluinnidh tu mo ghuth; air madainn deasaichidh mi mi fhèin ad làthair, agus amhaircidh mi suas.

Nuair a chuala Iosa seo, chaidh e as a sin air luing gu ionad fàsail air leth: agus nuair a chuala am poball sin, lean iad dan cois e as na bailtean.

Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar.

Agus lean Sìmon, agus an dream a bha maille ris, e.

Agus chaidh e air leth a‑chum an fhàsaich, agus rinn e ùrnaigh.

Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.

Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh-sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh.

Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar.

A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;

Uime sin biodh an inntinn cheudna annaibhse, a bha ann an Iosa Crìosd:

Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan