Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.
Agus nuair a bha am feasgar air teachd, thug iad da ionnsaigh mòran anns an robh deamhain; agus thilg e na spioradan a‑mach le a fhacal, agus shlànaich e iadsan uile a bha easlan:
Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.
Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.