Ach bha màthair-chèile Shìmoin na laighe ann am fiabhras; agus ghrad labhair iad ris uimpe.
Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh Pheadair, chunnaic e màthair a mhnà na laighe, agus i ann am fiabhras.
Agus gun dàil, air dhaibh dol a‑mach as an t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin agus Anndrais, maille ri Seumas agus Eòin.
Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.
Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.
Uime sin chuir a pheathraichean fios da ionnsaigh, ag ràdh, A Thighearna, feuch, tha an tì as ionmhainn leat tinn.
Nach eil againne comas piuthar, bean-phòsda, a thoirt leinn mun cuairt, amhail mar na h‑abstoil eile, agus bràithrean an Tighearna, agus Cèphas?