Agus gun dàil, air dhaibh dol a‑mach as an t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin agus Anndrais, maille ri Seumas agus Eòin.
Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum; agus air ball air dha dol a‑steach don t‑sionagog air an t‑sàbaid, theagaisg e.
Agus bha nan sionagog-san neach anns an robh spiorad neòghlan, agus ghlaodh e,
Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile.
Ach bha màthair-chèile Shìmoin na laighe ann am fiabhras; agus ghrad labhair iad ris uimpe.
Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil àit aig Mac an Duine anns an cuir e a cheann fodha.