Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus seasaidh e, agus ionaltraidh e a threud ann an neart an Tighearna; ann am mòrachd ainm an Tighearna a Dhia; agus bidh iadsan air an iompachadh: oir a‑nis bidh esan mòr gu ruig crìochan na talmhainn.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Agus chaidh iomradh sin a‑mach air feadh na tìre sin uile.

Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile.

Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.

Agus gun dàil, air dhaibh dol a‑mach as an t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin agus Anndrais, maille ri Seumas agus Eòin.

Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.

Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Agus chaidh iomradh airsan a‑mach air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt.

Agus chaidh an t‑iomradh seo a‑mach airsan air feadh Iudèa uile, agus na dùthcha mun cuairt uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan