Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ionnas gun do ghabh an sluagh iongantas nuair a chunnaic iad na balbhain a’ labhairt, na daoine ciurramach slàn, na bacaich ag imeachd, agus na doill a’ faicinn: agus thug iad glòir do Dhia Israeil.

Oir is duine mise fhèin a tha fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham: agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e: agus ris an fhear seo eile, Thig, agus thig e: agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.

Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh.

Agus nuair a reub an spiorad neòghlan e, agus a ghlaodh e le guth àrd, thàinig e a‑mach as.

Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile.

Agus bha mòr-uamhas air na deisciobail airson a bhriathran. Ach fhreagair Iosa a‑rìs, agus thubhairt e riu, A chlann, cia deacair dhaibhsan a chuireas an dòigh ann an saoibhreas, dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear-dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh;

Agus air dhaibh dol a‑steach don àit-adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra.

Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.

Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad.

Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.

Agus ghairm e an dà‑fhear-dheug an ceann a chèile, agus thug e cumhachd agus ùghdarras dhaibh air na h‑uile dheamhain, agus a‑chum easlaintean a leigheas.

Agus rug iad air, agus thug iad leo e gu Areopagas, ag ràdh, Am faod sinn fios fhaotainn ciod e an teagasg nuadh seo a labhrar leat?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan