Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.
Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul.
Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho-bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e.
Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e.