Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach ris an droch dhuine their Dia, Ciod e do ghnothach-sa mo reachdan a chur an cèill, no gun gabhadh tu mo choicheangal ann ad bheul,

Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus bhagair Iosa gu geur iad, ag ràdh, Faicibh nach faigh neach air bith fios air seo.

Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Agus nuair a reub an spiorad neòghlan e, agus a ghlaodh e le guth àrd, thàinig e a‑mach as.

Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e.

Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò.

Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. Agus air don deamhan esan a thilgeadh sìos nam meadhon, thàinig e a‑mach as, gun chiùrradh sam bith a dhèanamh air.

Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.

Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan