Agus tàrlaidh gun seas na h‑iasgairean oirre, o Engedi gu ruig Eneglaim; bidh iad nan ionad a sgaoileadh a‑mach lìon, bidh an iasg a rèir an seòrsa, mar iasg na fairge mòire, ro‑lìonmhor.
Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad.
Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.