Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh do Eòin a bhith air a chur am prìosan, thàinig Iosa do Ghalile, a’ searmonachadh soisgeul rìoghachd Dhè,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a chuala Eòin anns a’ phrìosan gnìomharan Chrìosd, chuir e dithis de a dheisciobail da ionnsaigh,

Agus thubhairt e ra sheirbhisich, Is e seo Eòin Baistidh; dh’èirich e o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.

Ach nuair a chuala Iosa gun do chuireadh Eòin an làimh, dh’imich e do Ghalile;

O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.

Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.

Chuir e seo ris gach olc eile, gun do dhruid e Eòin ann am prìosan.

Agus thàrladh an dèidh sin, gun d’imich esan tro gach cathair agus baile, a’ searmonachadh agus a’ cur an cèill soisgeul rìoghachd Dhè, agus an dà‑fhear-dheug maille ris;

Agus a‑nis feuch, tha fhios agam nach faic sibhse uile, am measg an d’imich mi a’ searmonachadh rìoghachd Dhè, mo ghnùis nas mò.

Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.

Pòl, seirbhiseach Iosa Crìosd, a ghairmeadh na abstol, a chuireadh air leth a‑chum soisgeul Dhè,

Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan