Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 1:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air ball, nuair a chaidh e suas as an uisge, chunnaic e na nèamhan air am fosgladh, agus an Spiorad mar chalaman a’ teachd a‑nuas air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.

O gun reubadh tu o chèile na nèamhan, gun tigeadh tu a‑nuas, gun sruthadh na slèibhtean sìos ann ad làthair;

Agus thàrladh, anns an deicheamh-bliadhna-fichead, anns a’ cheathramh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, air dhòmhsa a bhith am measg nam braighdean aig abhainn Chebair, gun d’fhosgladh na nèamhan, agus chunnaic mi taisbeanaidhean Dhè.

Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air:

Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Agus thàrladh anns na làithean sin gun tàinig Iosa o Nàsaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eòin ann an Iòrdan.

Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan