Agus thubhairt Herod, Thug mise an ceann de Eòin: ach cò e am fear seo mum bheil mi a’ cluinntinn a leithid seo de nithean? Agus dh’iarr e a fhaicinn.
No mar an ceudna Herod: oir chuir mi da ionnsaigh sibh, agus, feuch, cha do rinneadh nì air bith leis toilltinneach air bàs.
Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail-eigin air a dhèanamh leis.