Agus le cuid gun d’fhoillsicheadh Elias; agus le cuid eile gu robh aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.
Agus thubhairt iadsan, Tha cuid ag ràdh Eòin Baistidh, cuid Elias, agus cuid eile Ieremias, no aon de na fàidhean.
Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, Carson mas eadh a their na sgrìobhaichean gur èiginn do Elias teachd air tùs?
Thubhairt cuid eile, Gur e Elias a tha ann. Agus thubhairt cuid eile, Gur fàidh a tha ann, no mar aon de na fàidhean.
Agus fhreagair iadsan, Eòin Baistidh; agus cuid eile, Elias; agus cuid eile, Aon de na fàidhean.
Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.
Agus dh’fheòraich iad dheth, Ciod mas eadh? An tu Elias? Agus thubhairt e, Cha mhi. An tu am fàidh? Agus fhreagair e, Cha mhi.