Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala Herod an tetrarc na h‑uile nithean a rinneadh leis: agus bha e ann an imcheist, do bhrìgh gun dubhairteadh le cuid gu robh Eòin air èirigh o na mairbh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!

Oir is là cruaidh iomairt e, agus saltairt sìos, agus buairidh, o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann an gleann an taisbeanaidh; a’ briseadh sìos bhallachan, agus a’ glaodhaich ris na beanntan.

Tha an tì as fheàrr dhiubh mar dhris: tha an tì as ionraice nam measg mar phris dhroighinn: is i seo là do luchd-faire; tha do smachdachadh air teachd; a‑nis bidh iad ann an imcheist.

A‑nis nuair a chuala Eòin anns a’ phrìosan gnìomharan Chrìosd, chuir e dithis de a dheisciobail da ionnsaigh,

Agus fhreagair iadsan, Eòin Baistidh; agus cuid eile, Elias; agus cuid eile, Aon de na fàidhean.

Air an là sin fhèin thàinig Pharasaich àraidh da ionnsaigh, ag ràdh ris, Gabh a‑mach agus imich à seo: oir tha toil aig Herod do mharbhadh.

Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;

Agus nuair a chuala e gum b’ann fo uachdaranachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha e fhèin ann an Ierusalem anns na làithean sin.

A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan