Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:61

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt neach eile mar an ceudna, A Thighearna, leanaidh mise thu: ach leig dhomh air tùs mo chead a ghabhail dhiubhsan a tha aig mo thaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e an dèidh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, till; oir ciod a rinn mise ort?

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.

Cha robh fois agam ann am spiorad, do bhrìgh nach d’fhuair mi Tìtus mo bhràthair: ach air gabhail mo chead dhiubh, dh’imich mi o sin do Mhacedònia.

A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan