Agus thàrladh, nuair a bha iad ag imeachd air an t‑slighe, gun dubhairt duine àraidh ris, A Thighearna, leanaidh mise thu ge bè àit an tèid thu.
Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.
A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem;
Oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios anaman dhaoine, ach gan tèarnadh. Agus chaidh iad gu baile eile.
Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon.