Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:56

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios anaman dhaoine, ach gan tèarnadh. Agus chaidh iad gu baile eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.

Oir thàinig Mac an Duine a shaoradh an nì sin a bha caillte.

Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Na cuiribh an aghaidh an uilc: ach ge bè neach a bhuaileas thu air do ghiall deas, tionndaidh thuige an giall eile mar an ceudna.

Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Fuilingibh gu seo. Agus bhean e ra chluais, agus shlànaich e i.

An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.

Ach thionndaidh esan agus chronaich e iad, agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a’ ghnè spioraid dem bheil sibh:

Agus thàrladh, nuair a bha iad ag imeachd air an t‑slighe, gun dubhairt duine àraidh ris, A Thighearna, leanaidh mise thu ge bè àit an tèid thu.

Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.

Agus ma chluinneas neach air bith mo bhriathran-sa, agus nach creid e, chan eil mise ga dhìteadh: oir cha tàinig mi a dhìteadh an t‑saoghail, ach a shaoradh an t‑saoghail.

Oir cha do chuir Dia a Mhac don t‑saoghal a‑chum gun dìteadh e an saoghal, ach a‑chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìdsan.

Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.

Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan