Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil?
Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean.
Ach air tionndadh dhàsan, thubhairt e ri Peadar, Imich air mo chùl, a Shàtain; is oilbheum dhomh thu: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.
Agus, feuch, shìn aon dhiubhsan a bha maille ri Iosa a làmh, agus tharraing e a chlaidheamh, agus air dha seirbhiseach an àrd-shagairt a bhualadh, gheàrr e a chluas dheth.
Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias?
Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd: