Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:54

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Abisai mac Sheruiah ris an rìgh, Carson a mhallaicheadh an cù marbh seo mo thighearna, an rìgh? Leig dhomh dol a‑null, guidheam ort, agus a cheann a thoirt dheth.

Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:)

Agus chuir an rìgh da ionnsaigh ceannard lethcheud, maille ra lethcheud: agus chaidh e suas da ionnsaigh, (agus, feuch, bha e na shuidhe air mullach slèibhe) agus labhair e ris, A dhuine le Dia, thubhairt an rìgh, Thig a‑nuas.

Agus thubhairt e, Thig maille riumsa, agus faic m’eud airson an Tighearna. Agus thug e air marcachd na charbad.

Ach cha tug Iehu an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dia Israeil le a uile chridhe; oir cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh.

Am gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas;

Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orra-san thug e Boanerges mar cho-ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich),

Ach thionndaidh esan agus chronaich e iad, agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a’ ghnè spioraid dem bheil sibh:

Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine;

Agus chunnaic mi aon de a chinn mar gum biodh e air a lotadh gu bàs; agus lèighseadh a lot bàsmhor: agus ghabh an talamh uile iongantas an dèidh an fhiadh-bheathaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan